The Caithness Arts Index has posted the following article:

Comataidh na Gàidhlig air beachdachadh air Ro-innleachd Conaltraidh agus Com-pàirteachais airson na Gàidhlig

[IMG][/IMG] Aig a coinneamh an-diugh, chaidh iarraidh air buill Chomataidh na Gàidhlig beachdachadh air grunn mholaidhean, agus dòigh-obrach aontachadh, gus Ro-innleachd Conaltraidh agus Plana Com-pàirteachais a leasachadh. Tha an còmhradh seo a' leantainn air adhart bho bhùithtean-obrach a chumadh air-loidhne san t-Sultain 2020 gus beachdachadh air mar a bheir Comhairle na Gàidhealtachd prìomhachas do na prìomh ghnìomhan ann am Plana na Gàidhlig 3 agus mar a thèid an cur an gnìomh mu choinneamh ‘A' Cleachdadh na Gàidhlig, Ag Ionnsachadh na Gàidhlig agus A’ Brosnachadh na Gàidhlig’. [Read Full Article]